Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Poilis na Rèidhle

Cho-dhùin Rùnaire a' Cheartais, Micheal MacMhathain, gun gabh Poilis na h-Alba smachd air tèarainteachd rèidhle dar a thèid sin a chur fo smachd Riaghaltas na h-Alba. Tha Coimisean Mhic a' Ghobhain air cumhachdan a bharrachd do Pharlamaid na h-Alba a' moladh gum bi seirbheis poilis na rèidhle an urra ri Holyrood. Tha Mgr MacMhathain a' moladh an t-seirbheis a chur an lùib Poilis Còmhdhail na h-Alba, 's dòcha ro dheireadh na h-ath-bhliadhna.

In-imreachd

Tha mu dhà thrian de dhaoine an Alba airson in-imreachd a lùghdachadh, neo a chasg a rèir chunntais-bheachd a rinneadh do BhBC Scotland. Sheall e gu bheil 49% ag iarraidh ìrean in-imreachd nas lugha, 's gu bheil 15% airson a stad.

Argentina

Chaidh triùir de phriomh lùth-chleasaichean na Frainge a mharbhadh còmhla ri seachdnar eile ann an tubaist heileacoptair ann an Argentina. Tha dùil gu do bhuail dà heileacoptair na chèile fhad 's a bhathas a' clàradh a' phrògraim thelebhisein The Drop. Chaochail Camille Muffat, a bhuannaich bonn òir ann an Lunnainn, am bocsair Alexis Vastine agus an t-seòladair Florence Arthaud. Chaochail còignear eile às an Fhraing agus dithis phìleat Argentinianach cuideachd.

Aiseag na Hearadh

Tha buidheann iomairt anns na Hearadh a' sireadh gealltanais bho Chaledonian Mac a' Bhriuthainn nach eil iad am beachd an t-seirbheis aiseig a dh'Ùige a lùghdachadh. Tha Fòram Còmhdail na Hearadh ag ràdh gu bheil am bàt-aiseig àbhaisteach, an Hebrides, air a bhith air falbh fad a' Gheamhraidh, agus gu bheil aig amannan an t-seirbheis na tàmh gun adhbhar. Thuirt Còmhdhail Alba nach eil planaichean sam bith aca lùghdachadh a thoirt air an t-seirbheis. Thuirt Cal Mac gu bheil co-dhùnaidhean sam bith seòlaidhean a chur dheth gan dèanamh le sgiobair an aiseig - agus gu bheil iad gan dèanamh air adhbharan slàinte agus sàbhailteachd a-mhàin, rud a tha air iarraidh orra san lagh.

An Dealan

Tha mu 4,000 dachaigh fhathast às aonais an dealain sa cheann a tuath às dèidh na droch shìde an-dè 's an-raoir, a rèir SSE. Tha iad ag ràdh gur ann san Eilean Sgitheanach, Cataibh 's Inbhir Ùige as motha a tha daoine fhathast dheth. Tha bhanaichean le biadh teth agus deoch air a' chidhe ann an Ùige agus aig talla a' bhaile ann an Taigh Iain Ghròt an-dràsta, 's bidh bhana anns an Aodann Bhàn bho mheadhan là.

Trèana

Chaidh maill a chur air seirbheisean rèidhle dar a bhuail trèana ann an craoibh air an loidhne eadar Eilgin 's Baile Chèith an-raoir. Chaidh toiseach an trèana a mhilleadh. Chaidh luchd-siubhail a ghiùlain air busaichean fhad 's a bha an loidhne dùinte.

Eileanach a Dhìth

Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu fear a tha a dhìth sna h-Eileanan Siar. Chunnacas Anndra Rigby mu dheireadh aig a dhachaigh ann an Geòcrab sna Hearadh mu 07:00m an-dè. Tha e 59 bliadhna de dh'aois, 5' 10" de dh'àirde, caol le falt donn. Chan eil fhios dè an t-aodach a bh' air dar a chaidh fhaicinn mu dheireadh, ach tha fhios gu bheil e tric a' falbh le màileid throm.