Eachdraidh-beatha
- Air fhoillseachadh
- comments
Tha làn fhios aig Jim Murphy cò ris a dh'fheumas e bruidhinn.
Mura robh roimhe, dhearbh sreath ùr de chunntasan-bheachd bhon Mhorair Ashcroft gun robh dùbhlan mòr ro na Làbaraich, chan a-mhàin anns na sgìrean a chuir taic ri neo-eisimeileachd as t-fhoghar ach air feadh na dùthcha.
Mar sin, tràth anns an òraid aige ro cho-làbhairt a' phàrtaidh air an deireadh-sheachdain, thionndaidh an ceannard ùr a dh'ionnsaigh a' chamara gus bruidhinn gu dìreach ri seann luchd-taic nan Làbarach a bha a' beachdachadh air bhòtadh airson an SNP anns a' Chèitean.
Tha mi a' tuigsinn, thuirt e.
Bha an fheadhainn sin, air an robh an taghadh a bu chudromaiche na bheatha fhèin an crochadh, ag iarraidh atharrachadh fhaicinn.
B' e an obair aigesan toirt orra creidisnn gum b' iad na Làbaraich a bheireadh an t-atharrachadh sin gu buill.
Bochdainn
Gus sin a dhèanamh, labhair Mgr Murphy mu àraich òg, na phàiste à teaglach bochd ann an Glaschu, a b'fheudar cadal ann an seotal mar leanabh.
Thrèig iad Breatainn Thatcher airson beatha nas fheàrr ann an Aifreaga a Deas, a' gluasad bho bhochdain aig an taigh gu àite am measg nan daoine geala ann an Cape Town.
Aig a' cheann-thall theich e gus nach biodh aige ri ùine a chur seachad ann an arm Apartheid.
Aig an àm, thuirt e, bha na Làbaraich a' strì gus Nelson Mandela a shaoradh e bhon phrìosan air an eilean a chitheadh e bho dhachaigh an teaghlaich, fhad 's a bha cuid de Thòraidhean ag ràdh gum chòir ceannard an ANC a chrochadh.
Bha sin na adhbhar moit don duine òg a thill gu Alba, mar a tha fhathast e don fhear nas sine a tha a-nis airson an dùthaich a stiùireadh mar phrìomh mhinistear.
Ach mus faigh e air an amas sin a choilionadh, feumaidh Jim Murphy am pàrtaidh aige a stiùireadh tron taghadh choitcheann am bliadhna.
Càirdeas
Air cùl na h-eachdraidh beatha aige, bha aideachadh gun robh na Làbaraich air grèim a chall air cridhe tòrr dhaoine an Alba a thug taic riutha roimhe.
Gu sìmplidh, cha do chreid tòrr dhiubh tuilleadh gur e am pàrtaidh acasan a bha ann.
Cha d'rinn Mgr Murphy iomradh air reifreann na Sultain agus an càirdeas leis na Tòraidhean a chuir uallach mòr air na seann cheanglan eadar am pàrtaidh agus an luchd-taic aca.
Airson an cosnadh air ais, bha polasaidhean gu leòr.
Fo riaghaltas Làbarach ùr, gheall ceannard Albannach a' phàrtaidh gun cuireadh casg air cùmhnantan 0-uair, gum togadh taighean saora ùra agus gun toireadh taic airgid don òigridh nach deach don cholaiste no don oilthigh.
Tha fios gun do chòrd na rudan sin ri tòrr dhe na daoine a bha a' coimhead.
Roghainn
Is e a' cheist an dèan a leithid an gnothach gus sgrios a sheachnadh anns a' Chèitean, no a bheil trioblaid nas doimhne aig na Làbaraich ann an Alba a-nis.
Aig fìor thoiseach an h-òraid, dh'fheuch Jim Murphy uair eile ris an roghainn a bha aig an luchd-bhòtaidh a chur ann an dubh agus geal.
Ged a bha sloinneadh Albannach aig a' phrìomhaire, thuirt e, cha robh Dàibhidh Camshron idir a' tuigsinn tìr a shinnsearachd.
A dh'aindeoin sin, chum e a-mach, bha cunnart gum b' iad na h-Albannaich a chuireadh an Camshronach air ais gu Àireamh a Deich.
Mas fhìor na cunntasan-bheachd, is beag an èisteachd a fhuair an teachdaireachd sin thuige seo.
Chan eil tòrr ùine air fhàgail air Jim Murphy airson sin atharrachadh.