Ro-innleachd ùr bho Bhòrd na Gàidhlig

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Iain Caimbeul a' bruidhinn mu na tha fa-near do Bhòrd na Gàidhlig leis a ro-innleachd ùir.

Dh'fhoillsich Bòrd na Gàidhlig "ro-innleachd ùr" Diciadain a stiùireas leasachadh na cànain airson an dà bhliadhna air thoiseach, agus Iain Caimbeul air tòiseachadh an t-seachdain seo mar Cheannard ùr a' Bhùird.

Tha Iain Caimbeul a' gabhail thairis bho Iain Aonghas MacAoidh a tha a' leigeil dheth a dhreuchd.

Dh'fhoillsich Mgr Caimbeul gum bi e ag amas air obrachadh nas dlùithe air a' choimhearsnachd.

Thuirt e gu bheil e air leth cudromach dòighean a lorg air dèanamh cinnteach gum bi òigridh anns na sgìrean anns a bheil mar thà 20% den t-sluagh a' bruidhinn Gàidhlig a' cleachdadh na cànain anns a' choimhearsnachd.

Thèid prìomhachas às ùr cuideachd a thoirt do Ghàidhlig ionnsachadh do bharrachd inbheach, agus leanaidh foghlam sgoile mar phrìomhachas.

Tha an ro-innleachd a' gabhail a-steach "measadh eadar-amail" air a' Phlana Ghàidhlig Nàiseanta 2012-2017 a tha a' stiùireadh na h-obrach aca an-dràsta.

Bidh iad cuideachd a' dealbh stiùireadh ùr air fòghlam Gàidhlig dhan Riaghaltas, agus thèid prìomhachas a thoirt do dhaoine òga, is teaghlaichean le cloinn.

Tha ceistean air a bhith ag èirigh bho chionn ghoirid - gu sònraichte air meadhanan sòisealta agus làraichean conaltraidh air-loidhne - a bheil poileasaidhean Bhòrd na Gàidhlig air an t-slighe cheart. Tha amharas aig cuid nach eil gu leòr dhaoine - sean is òg - ag ionnsachadh na Gàidhlig airson a cumail beò.

Tha eagal air mòran nach bi e comasach amas air na targaidean a chuir am Bòrd romhpa roimhe 800 leanabh a bhith a' tòiseachadh ann am fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig ro 2017, agus sheall àireamhan cunntais-shluaigh bho chionn ghoirid nach robh comasan Gàidhlig aig a' chuid mhòir de chloinn nan Eilean Siar.

Ionnsachadh Inbheach

Tha ceistean cuideachd ann mu na chaidh a chosg de dh'airgead a' leasachadh chùrsaichean Ùlpan do luchd-ionnsachaidh inbheach, 's gun dearbhadh sam bith cò mheud duine a thug iad gu bruidhinn Gàidhlig.

Chaidh Mgr Caimbeul às àicheadh gur e ana-caitheamh air airgead a bh' ann an Ùlpan. Thuirt e: "Bha Ùlpan na mheadhan air cothroman a thogail do dhaoine airson tighinn a-steach ann an saoghal na Gàidhlig, agus cha robh iad air tighinn a-steach idir, idir ann mura bitheadh Ùlpan."

A' freagairt ghearrainnean nach robh Ùlpan air daoine a thoirt gu fileantachd, thuirt Mgr Caimbeul nach robh ann an Ùlpan ach aon cheum airson daoine a thoirt a-steach air a' ghnothaich, 's an toirt gu cùrsaichean eile às dèidh sin.

Dh'fhoillsich e gun robh rannsachadh ga dhèanamh ann an Oilthigh Ghlaschu an-dràsta air an ath-cheum airson Gàidhlig ionnsachadh do bharrachd inbheach.

Cha toireadh e cus fiosrachaidh seachad mu dheidhinn aig an ìre seo, ach thuirt e gun robh streath bhuidhnean an sàs ann agus gun tigeadh ro-innleachd a-mach ga mhìneachadh a dh'aithghearr, mus deadh a lìbhrigeadh a-mach air a' choimhearsnachd.

"Feumaidh sinn obrachadh a-mach plana-gnìomha ciallach agus buidseat airson seo a chur an gnìomh anns a' choimhearsnachd, agus bidh cothrom aig na colaistean 's na h-oilthighean agus buidhnean eile na cùrsaichean sin a lìbhrigeadh."

Seo cuid de phrìomh phuingean na ro-innleachd a dh'fhoillsich am Bòrd madainn Diciadain, ann am briathran a' Bhùird fhèin:-

Am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig

"Thèid measadh eadar-amail a dhèanamh air a' Phlana a th' ann an-dràsta, agus thar nam mìosan a tha ri thighinn nì am Bòrd co-luadair ri coimhearsnachd na Gàidhlig air feadh Alba mar ullachadh deasachaidh mus tèid an dreach den Phlana Chànain Nàiseanta Ghàidhlig airson 2017-22 a dhealbh."

Foghlam

"Bithear a' cur prìomhachais air a bhith a' toirt ro-innleachdan gu buil agus gan cur an gnìomh airson ìre nan tràth-bhliadhnaichean, na h-àrd-sgoile agus airson inbhich a tha ag ionnsachadh Gàidhlig.

Bidh am Bòrd a' dealbh Stiùireadh air Foghlam Gàidhlig airson aonta bho Mhinistearan agus airson a sgaoileadh am measg Ùghdarrasan Foghlaim is buidhnean buntainneach eile. Bidh an Stiùireadh feumail do phàrantan a tha am beachd iarrtas a chur a-steach airson Foghlam tron Ghàidhlig don cuid chloinne fo chumhachdan Bile an Fhoghlaim (Alba) 2015, a bu chòir a bhith a' dol na lagh ann an 2016."

Coimhearsnachdan

"Nì am Bòrd ath-sgrùdadh air na sgeamaichean a tha am Bòrd a' ruith aig ìre choimhearsnachd agus cruthaichidh iad ro-innleachdan ùra a bheir prìomhachas do dhaoine òga a tha nas òige na 30 bliadhna de dh'aois, teaghlaichean le cloinn òig agus coimhearsnachdan far a bheil comasan Gàidhlig aig 20% no barrachd den t-sluagh."

Com-pàirteachasan Ro-innleachdail

"Togaidh am Bòrd air na com-pàirteachasan a th' againn mu thràth le buidhnean eile, leithid MG ALBA, HIE agus Alba Chruthachail, agus sinn a' toirt phlanaichean com-pàirteach gu buil a bhios a' dèanamh feum de neartan gach buidhne a tha ag obair ann an co-bhuinn. Bidh am Bòrd cuideachd a' togail air an obair a tha sinn a' dèanamh mu thràth an lùib Chom-pàirteachasan Planaidh Coimhearsnachd sna h-Eileanan Siar agus ann an Roinn na Gàidhealtachd."