Ceist mu choinneamhan dotair Uibhist
- Published
Chuir Comhairle Choimhearsnachd Uibhist a Tuath ceistean air Bòrd Slàinte nan Eilean Siar fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh mu dhraghan gu bheil euslaintich agus dotairean às Uibhist gan cur a Steòrnabhagh a dh'fhaicinn a chèile.
Thathas airson faighinn a-mach bhuapa dè cho tric 's a tha seo air a bhith a' tachairt, agus dè a' chosgais a tha na lùib.
"Tha sinn air faighneachd airson na h-àireamh de dh'euslaintich a th' air a dhol suas à Uibhist a Steòrnabhagh chun nan clinigean a tha seo anns an deich bliadhna mu dheireadh," thuirt Cathraiche na Comhairle Coimhearsnachd, Sìne Stiùbhart.
"Agus a' chosgais a tha an lùib seo cuideachd, euslaintich a chur suas.
"Agus 's dòcha uaireannan gu bheil aca ri fuireach oidhche shuas airson a dhol dha na clinigean a tha seo, co-dhiù an àm a' Gheamhraidh."
Chuir am BBC ceist air a' Bhòrd Shlàinte cuideachd cia mhead bliadhna a tha seo air a bhith a' dol air adhart, agus cia mhead euslainteach a th' air a dhol às Uibhist a Steòrnabhagh a choinneachadh le dotair às Uibhist. Thathas a' feitheamh freagairt bhuapa.