Ìmpidh air croitearan clàradh air Business Register

Talamh croite Image copyright Hazel Smith
Image caption Chan fhaodar bileagan IACS a chur a-steach gun clàradh air Business Register às ùr an toiseach.

Tha Roinn an Àiteachais aig Riaghaltas na h-Alba a' cur an cuimhne chroitearan agus thuathanach cho fìor chudromach 's tha e gun dèan iad clàradh "Business Register".

Às aonais sin caillidh croitear no tuathanach an taic-airgid gu lèir fon t-siostam ùr, SAP.

'S e an 15mh là den Chèitean an là mu dheireadh 'son clàradh, ach tha iad a' toirt comhairle air daoine seo a dhèanamh cho luath 's a ghabhas.

Tha Roinn an Àiteachais agus Colaiste an Aiteachais, (SAC), deònach cuideachadh a thoirt do dhaoine leis a' chlàradh aig na h-oifisean ionadail aca, ach tha iad ag ràdh gum feumar bruidhinn riutha ro làimhe airson sin a chur air dòigh.

Faodar clàradh air-loidhne, no air foirm pàipeir.

"Tha am Business Register gu math cudromach. Feumaidh a h-uile duine a dhol air às ùr, ged a bha iad air roimhe," thuirt Aonghas Anderson aig an SAC ann am Port Rìgh.

"Daoine nach lìon a-steach na bileagan seo, chan fhaigh iad sgillinn airgid bhon IACS no bhon CCAGS no rud sam bith tuilleadh.

"Tha an IACS a' fosgladh an ath-sheachdain, agus bidh e fosgailte airson dà mhìos. So tha tìde gu leòr aig daoine, ach feumaidh iad na bileagan a tha seo a lìonadh a-steach.

"Gheibh iad cuideachadh bho Riaghaltas na h-Alba, no bhon SAC, ma tha iad ag iarraidh taic.

"Chan fhaodar bileag IACS a chur a-steach mura h-eil iad air clàradh air Business Register an toiseach," thuirt e.