Loch Seaforth ga càradh a-rithist

  • Air fhoillseachadh
MV Loch Seaforth
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an soitheach a-nis air a càradh agus deiseil airson seòladh nuair a cheadaicheas an t-sìde.

Chaidh bàt-aiseig ùr Steòrnabhaigh, MV Loch Seaforth, a thoirt a-mach à seirbheis airson an dàrna turais taobh a-staigh seachdain, an dèidh do phìb san robh ola sgàineadh.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gur e sin an t-seòrsa trioblaid ris am biodh dùil, agus iad fhathast a' cur a' bhàta air ghleus.

Thuirt iad gun deach an trioblaid a chur ceart, 's gun robh an soitheach deiseil airson seòladh a-rithist.

Chaidh an soitheach a thoirt a-mach à seirbheis an t-seachdain seo chaidh an dèidh do thrioblaid èirigh le fan ann an tè de na h-einnseannan aice.

Tha an t-slighe am measg aiseagan air a bheil droch gheilltean a' toirt buaidh.

Chan eil an Loch Seaforth air a làn-choimiseanadh fhathast airson na slighe, ach tha i air a bhith a' giùlain luchd-siubhail mar phàirt de na deuchainnean gleusaidh aice.

Thuirt labhraiche do Chal Mac: "Chaidh an MV Loch Seaforth a thoirt a-mach à seirbheis madainn an-dè mar thoradh air pìob a bhios a' giùlain ola slaodaidh chun a' bhogsa-ghèar.

"Cha b' e trioblaid mhòr a bh' ann, ach gu follaiseach, bha e feumach air càradh.

"Tha an obair-càraidh a-nis ullamh, agus tha i deiseil airson seirbheis nuair a cheadaicheas an t-sìde.

"Mar a thuirt sinn roimhe, chan eil an soitheach fhathast air a làn-choimiseanadh, agus bhiodh dùil ris an leithid seo de thrioblaid air long den mheud seo agus den iom-fhillteachd seo."