MG ALBA ann an Lunnainn
- Air fhoillseachadh

Bha riochdairean bho MG ALBA an Lunnainn 's iad airson inbhe BhBC Alba a thogail.
Bha cuideam gu h-àraidh ga chur air luach eaconamach an t-sianail a thaobh a bhith a' brosnachadh nam meadhanan cruthachail.
Bha Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Dànaidh Alexander, am measg na choinnich riutha aig a' chuirm aig Sràid Dhowning oidhche Mhàirt.
"Luach nàiseanta"
Thuirt Mgr Alexander gun robh e cudromach gun leanadh maoineachadh dhan t-sianal, ge bith dè an Riaghaltas a bhios ann às dèidh an taghaidh choitchinn sa Chèitean.
Thuirt e gun robh cànan, cultar agus craoladh na Gàidhlig cudromach, chan ann a-mhàin air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan ach air feadh na Rìoghachd Aonaichte air fad.
Tha prògraman leithid Bannan a' sealltainn, thuirt e, gun gabh prògraman Gàidhlig a dhèanamh aig fìor àrd-ìre.
Thuirt Ceannard Seirbheis BhBC Alba, Mairead Màiri Mhoireach, gu bheil e cudromach gun tèid buaidh an ionmhais air na prògraman as urrainn dhaibh a dhèanamh a chur fa chomhair an fheadhainn a tha gam maoineachadh.
"Tha neart ann a bhith a' dearbhadh nuair a gheibh sinn beagan a bharrachd airgid airson a bhith a' lìbhrigeadh rudeigin, gu bheil luach dha-rìribh a' tighinn a-mach às sin agus gu bheil ionmhas sam bith air a dheagh chosg," thuirt i.
Tha MG ALBA an-dràsta a' cumail sreath de choinneamhan poblach 's iad a' sireadh bheachdan dhaoine air an t-sianal.
Tha deasbad mòr air a bhith ann bho chionn ghoirid mu na tha de Bheurla a' nochdadh anns na prògraman.
Thuirt Mairead Màiri Mhoireach gu bheil iad an dòchas fuasgladh fhaighinn dhan t-suidheachadh sin le bhith a' còmhradh ri luchd-amhairc an t-sianail.
"Tha sinn ag èisteachd agus 's ann tro a bhith ag èisteachd a thig fuasglaidhean agus a thig freagairtean," thuirt i.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh9 An t-Sultain 2014