Àrdachadh nas lugha air Aiseag a' Chorrain

Aiseag a' Chorrain
Image caption Bha a' Chomhairle ag iarraidh àrdachadh 4% a chur air faraidhean an aiseig, 's iad ag ràdh gu bheil an t-airgead a dhìth gus an t-seirbheis a chumail a' dol.

Tha BBC Naidheachdan a' tuigsinn nach tig àrdachadh cho mòr 's a dh'iarradh Comhairle na Gàidhealtachd air faraidhean Aiseag a' Chorrain, eadar Loch Abar agus Àird Dhobhair.

Tha an t-aiseag a' ceangail dhaoine a tha a' fuireach an Àird Dhobhair, sa Mhorbhairne agus ann an Àird nam Murchan, ri prìomh rathad an A82 air taobh a deas Loch Linne.

Bha an t-ùghdarras ionadail a' moladh àrdachadh de 4% thar an dà bhliadhna a tha romhainn, a dh'aindeoin 's gun do dh'aontaich Comataidh nan Seirbheisean Coimhearsnachd air a' mhìos a chaidh dàil a chur air àrdachadh sam bith.

Thathas a' tuigsinn a-nis gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd, agus comhairlichean Loch Abair air aontachadh nach tèid na faraidhean suas ach 2% bhon Ghiblean.

Thèid cuideachd sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh air an t-seirbheis, agus thèid plana gnìomhachais a chur air dòigh cuideachd.

Co-rèite

Thèid cuideachd coimhead co-dhiù bu chòir drochaid a thogail tarsainn air a' chaolas far a bheil an t-aiseag an-dràsta a' ruith.

Thèid a' chùis a dheasbad aig coinneimh den Làn-Chomhairle Diardaoin.

Thuirt Cathraiche Comataidh nan Seirbheisean Coimhearsnachd, Graeme MacCoinnich, nach b' e gèilleadh a rinn a' Chomhairle le bhith a' ruighinn an aonta seo.

"Chan e gèilleadh a theirinnsa ris. Theirinn gur e còmhraidhean gu math cuideachail agus làidir eadar coimhearsnachd, mi fhèin mar chathraiche agus na h-oifigich," thuirt e.

"Thathas ag aontachadh gu bheil sinn air a bhith 's dòcha caran mì-rianail san àm a dh'fhalbh, agus tha sinn gu mòr airson gluasad air adhart a chùm maith na coimhearsnachd.

"Chan e gèilleadh a th' ann idir, nam shùileansa."

Tha comhairlichean na sgìre fhèin ag ràdh gu bheil iad riaraichte leis an aonta.

"B' fheàrr leamsa, gu pearsanta, nach robh muinntir na sgìre seo a' faicinn àrdachaidh eile am-bliadhna," thuirt an Comh. Anndra Bacastair.

"Ach dha-rìribh, dh'fhaodadh an t-ùghdarras a bhith air àrdachadh 4% a phutadh troimhe gu furasta, agus mar sin saoilidh mi gur e co-rèite math a th' ann an 2%," thuirt e.

Aig coinneimh den Làn-Chomhairle Diardaoin thèid iarraidh air buill cead a thoirt don àrdachadh nas lugha de 2%.

Tha ceist ann fhathast ge-tà, cò às a thig an t-airgead a bha a' Chomhairle a' cumail a-mach a bha a dhìth gus an t-seirbheis a chumail a' dol, nuair a chaidh an t-àrdachadh nas motha a mholadh.