Ceannardan NHS gan gairm a-rithist
- Published
Thèid ceannardan NHS na Gàidhealtachd a ghairm air ais gus fianais a thoirt seachad do bhuill na Pàrlamaid Albannaich mu dhraghan a thaobh suidheachadh ionmhais a' Bhùird Shlàinte.
Seo an treas turas a thèid toirt orra nochdadh air beulaibh Comataidh an Sgrùdaidh Phoblaich.
Thuirt a' chomataidh gu bheil iad airson Cathraiche, Àrd-Stiùiriche agus Stiùiriche Ionmhais a' Bhùird fhaicinn a-rithist, leis gu bheil ceistean cudromach fhathast rim freagairt.
Nochd draghan mu shuidheachadh ionmhais NHS na Gàidhealtachd nuair a bha feum aig a' bhuidhinn air £2.5m bho Riaghaltas na h-Alba airson an leabhraichean a chothromachadh.
Rinn Àrd-Neach-Sgrùdaidh na h-Alba cuideachd càineadh air suidheachadh ionmhais Ospadal an Ràthaig Mhòir.
Tha Cathraiche a' Bhùird, Garry Coutts, an Àrd-Stiùiriche Elaine Meed, agus an Stiùiriche Ionmhais Nick Kenton, air fianais a thoirt do Chomataidh an Sgrùdaidh Phoblaich dà thuras roimhe, ach tha a' Chomataidh a-nis airson an triùir fhaicinn a-rithist.
Cha deach ceann-là airson an seisein a chur air dòigh fhathast.