Campas sgoile ùr do Bhaile Dhùbhthaich
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairlichean air Ghàidhealtachd air cead a thoirt do phlanaichean gus campas sgoile ùr a chosgas £44m a thogail ann am Baile Dhùbhthaich, Ros an Ear.
Thèid foghlam ro-sgoile agus sgoile a thoirt do chloinn eadar trì bliadhna de dh'aois agus 18, ann an togalaichean ùra air làrach Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhùbhthaich.
Thèid Bun-sgoil a' Chnuic Bhric, Bun-sgoil Chnoc na Creige, agus Sgoil Speisealta an Naoimh Dhùbhthaich, a dhùnadh aon uair 's gum bi an campas ùr deiseil.
Nochd co-chomhairleachadh poblach mu na planaichean na h-uimhir de dhraghan mu chlann den a h-uile aois a bhith còmhla air an aon làraich.
Thèid innse do Riaghaltas na h-Alba mun cho-dhùnadh.
Tha roghainn aig an Riaghaltas na planaichean a ghairm a-steach airson ath-bheachdachadh ma tha iad a' meas gu bheil feum air sin.