Aonta airson sgoiltean Sgitheanach a dhùnadh

  • Air fhoillseachadh

Thug comhairlichean cead seachad airson ceithir bun-sgoiltean anns an Eilean Sgitheanach a dhùnadh, is tè ùr a chur nan àite.

Chaidh aontachadh aig coinneimh de Chomhairle na Gàidhealtachd gum bu chòir sgoiltean an t-Sruthain, Dhùn Bheagain, a' Chnuic Bhric agus an Aodainn Bhàin dùnadh.

Thèid sgoil ùr a thogail an Dùn Bheagain.

Thèid fios a chur gu Riaghaltas na h-Alba mu cho-dhùnadh na comhairle.