Aiseag a' Chorrain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Àrdachadh nas lugha air faraidhean Aiseig a' Chorrain

13 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cha bhi an t-àrdachadh air faraidhean Aiseig a' Chorrain ann an Loch Abar cho mòr 's a bha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh.

Bha an t-ùghdarras ionadail a' moladh àrdachadh de 4% thairis air dà bhliadhna, a dh'aindeoin 's gun robh Comataidh nan Seirbheisean Coimhearsnachd air aontachadh ron a seo gum bu chòir dàil a chur air a' chùis.

Diardaoin, ghabh a' Chomhairle ri moladh airson an àrdachadh a chuingealachadh aig 2%

Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.