Cidsin
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Seirbheis lòn ag atharrachadh an Leòdhas

13 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha an dòigh anns a bheil biadh ga chumail ri daoine ann an Leòdhas agus na Hearadh a tha a' faighinn chùraim san dachaigh ag atharrachadh.

B' àbhaist do luchd-cùraim a bhith ri còcaireachd do sheann daoine nan dachannan, ach a-niste thèid lòn ullaichte a chur gu gach taigh, agus cha bhi aca ach ri a theasachadh.

Tòisichidh an t-seirbheis, a th' air a bhith a' ruith ann an Uibhist airson greis a-niste, air an ath-mhìos, ach mus tachair sin tha muinntir Leòdhais agus na Hearadh air a bhith a' faighinn cothrom am biadh ùr a' bhlasadh dhaibh fhèin.

Tha Ruairidh Rothach ag aithris.