Dùil ri toiseach obair a' Cheangail-rathaid

Plana den leasachadh
Image caption Cosgaidh am pròiseact gu math nas motha na bhathas an dùil an toiseach.

Tha dòchas gun tòisich a' chiad earrainn de dh'obair air Ceangal-rathad an Iar Inbhir Nis as t-Fhoghar.

Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd air figearan mionaideach airson a' phroiseict, agus nan goireasean spòrs a thèid na chois.

Tha dùil gun cosg am pòiseact £55m uile gu lèir.

Thèid an obair a chrìochnachadh ro dhèireadh 2020.

Dh'fhoillsich a' Chomhairle an toiseach gun cosgadh am pròiseact £36.6m.

Aig làn-choinneimh na Comhairle Diardaoin, dh'aontaich comhairlichean beagan is £43m a chur a dh'ionnsaigh a' phròisect gus àrdachadh chosgaisean agus atmhorachd anns na bliadhnaichean romhainn a ghabhail a-steach.

Tha dòchas a-niste gun tòisich obair ullachaidh airson a' phròiseict as t-Fhoghar am-bliadhna, leis an obair-togail air taobh an Ear a' Chanàil Chaileanaich a' tòiseachadh tràth an ath-bhliadhna.

Chaidh maoineachadh de chòrr is £4m airson leasachadh a dhèanamh air pàirceannan is goireasan rugbaidh cuideachd aontachadh.

A thuilleadh air sin, tha £8m ga chur a dh'ionnsaigh ath-leasachadh Raoin Ghoilf Thòrr Bheathain.