Seirbheisean slàinte eileanach gan stad rè ùine

Casan naoidhein
Image caption Tha NHS nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh gach oidhirp na dreuchdan a lìonadh cho luath 's a ghabhas.

Chaidh na h-uimhir de sheirbheisean slàinte sna h-Eileanan Siar a stad rè ùine, agus duilgheadas aig Bòrd Slàinte na sgìre dreuchdan a lìonadh.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gun robh iad a' dèanamh gach oidhirp gus an dà dhreuchd neach-tadhail slàinte a lìonadh.

Thuirt iad cuideachd gun robhas a' toirt prìomhachais do leithid a bhith a' tadhail air màthraichean ùra agus an cuid chloinne.

Am measg nan seirbheisean a th' air an stad rè ùine, tha coinneamhan cunbhallach postnatal.

Thathas cuideachd a' stad mheasaidhean dachaigh 27 mìosan air pàistean an Uibhist is Barraigh rè ùine. Thathas ag iarraidh air pàrantan an cuid chloinne a thoirt do chlinigean airson nam measaidhean seo.

Thuirt Cailean Gilmour bho NHS nan Eilean Siar: "Tha sinn fhathast ga fhaighinn doirbh na dreuchdan seo a lìonadh, agus tha sinn a' dèanamh gach oidhirp a dhèanamh cinnteach gun tèid an lìonadh cho luath 's a ghabhas.

"San eadar-ama, tha sinn a' toirt prìomhachais do sheirbheisean riatanach, gus dèanamh cinnteach gun tèid iadsan a chumail a' dol.

"Tha sinn duilich gun deach cuid de sheirbheisean a stad rè ùine no a lùghdachadh, agus dh'iarramaid gun gabhadh daoine air a bheil seo a' toirt buaidh ar leisgeul.

"Bu chòir do luchd-cleachdaidh nan seirbheisean a bhith a' tuigsinn gu bheil na lùghdachaidhean seo gan dèanamh rè ùine a-mhàin, agus gu bheil sinn an dòchas tilleadh gu seirbheis àbhaistich cho luath 's a thèid an dà dhreuchd a lìonadh."