Dragh mu àireamh thidsearan air Ghàidhealtachd

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd faisg air £0.5m bho Riaghaltas na h-Alba airson na th' aca de thidsearan a ghlèidheadh.

Tha comhairliche air Ghàidhealtachd air dragh a thogail gum bi toll ann am buidseat na Comhairle às dèidh dhaibh airgead fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba airson an àireamh thidsearan anns an sgìre a ghlèidheadh.

Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd faisg air £0.5m bhon Riaghaltas, a tha airson an àireamh thidsearan ann an Alba a chumail aig ìre.

Tha dragh air Alasdair MacFhionnghain ge-tà, gum bi iad fhathast gann de mu £1m ma dh'fheumas iad dreuchdan teagaisg a dhìon.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dol às àicheadh gu bheil beàrn gu bhith ann.

Sàbhalaidhean

Tha Mgr MacFhionnghain ag ràdh gun do chuir iad romhpa, anns an Fhaoilleach, 23 dreuchdan teagaisg a ghearradh - agus gur ann a shàbhaileadh sin £1.5m dhaibh.

Tha e ag ràdh, le cha-mhòr £0.5m a' tighinn bhon Riaghaltas, gum bi còrr is £1m ri lorg ann an àiteigin eile.

Iarraidh e soilleireachadh, thuirt e, bho Stiùriche an Ionmhais air a' cheist.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh