Ochdnar air an goirteachadh an tubaist-rathaid
- Air fhoillseachadh
Chaidh ochdnar, dithis nighean nam measg, a ghoirteachadh ann an tubaist rathaid le dà charbad ann an Inbhir Nis Oidhche na Sàbaid.
Bha na deugairean nan cois agus a' dol tarsainn an rathaid aig cearcall-rathaid nan Ìnnseagan nuair a chaidh am bualadh.
Thachair an tubaist mu 1900.
Chaidh tè dhen chlann-nighean a ghoirteachadh gu dona agus tha i ann an Ospadal an Rathaig Mhòir.
Thugar an nighean eile agus ceathrar a bh' anns a' chàr dhan ospadal cuideachd.
Tha iad air faighinn a-mach a-nis.
Chaidh coimhead ri dithis eile aig an làraich.
B' e càr Honda Jazz agus bhan Ford Transit a bh' anns an tubaist.
Tha na poilis ag iarraidh air luchd-fianais fios a chur thuca.