A82 fosgailte a-rithist

Creagan air an A82 Image copyright Forestry Commission Scotland
Image caption Thuit creagan air an rathad Diardaoin

Tha rathad mòr an A82 fosgailte a-rithist eadar Inbhir Mhoireasdain agus Druim na Drochaid, às dèidh a bhith dùinte fad làithean.

Bha maoim-slèibhe Diardaoin a chaidh air creagan mòra a leagail air an rathad.

Dh'fheumadh an rathad a dhùnadh, rud a bha a' ciallachadh gum feumadh dràibhearan a bha a' dol eadar an Gearasdan is Inbhir Nis còrr air ceud mìle a bharrachd a shiubhal.

Bha Coimisean na Coilltearachd agus buidhean nan rathaidean, Bear Alba, ag obair còmhla airson an rathad fhosgladh, agus iad ag ràdh gur e seann chraobh daraich a thuit air dùn chreagan a dh'adhbharaich an trioblaid.