Dealbh de dhreig os cionn Loch Nis
- Air fhoillseachadh

Chaidh dealbh a thogail de dhreig os cionn Loch Nis, is dùil gun tug i air daoine fios a chur chun nam maor-cladaich.
Thog an neach-stiùiridh luchd-turais Iain Alasdair Dòmhnallach an dealbh faisg air Dabhach Phùir mu 21:00 Oidhche na Sàbaid.
Bha grunnan dhaoine air fios a chur air na maoir-chladaich is dragh orra gur e flèar bho bhàta a bh' ann an èiginn a bh' anns an dreig.
Thuirt Maighstir Dòmhnallach gun robh e gu math fortannach an dealbh fhaighinn.
Thuirt e gun deach e a-mach le camara seach gur e oidhche bhrèagha shoilleir a bh' ann.
Bha Maighstir Dòmhnallach, aig a bheil a' chompanaidh The Hebridean Explorer, ag ràdh gun robh daoine ag innse air na meadhanan-sòisealta gum faca iad an dreug ann an àiteachan eile, mar Slèite anns an Eilean Sgitheanach.