Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Lann Anaid

Tha an Leas Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney, a' tadhal air stèisean cumhachd Lann Anaid ann am Fìobha. Thuirt e gun dèan Riaghaltas na h-Alba a h-uile càil a ghabhas dèanamh airson an t-àite a chumail fosgailte. Dùinidh Lann Anaid aig deireadh na Màirt an ath-bhliadhna, mur am faigh e cùmhnant ùr bhon Ghriod Nàiseanta.

Ola

Thug ceannardan chompanaidhean ola rabhadh dhan t-seansalair gu bheil cruaidh fheum aig a' ghnìomhachas air faothachadh chìsean anns a Bhuidseat Diciadain. Tha iad ag ràdh gum feum cùisean atharrachadh no gun teich companaidhean ola às a' Chuan a Tuath a dh'àiteachan eile. Thuirt ceannard Maersk Oil ann am Breatainn, Martin Rune-Pedersen, gu bheil brosnachadh a dhìth orra airson barrachd tollaidh a dhèanamh. Tha dùil gun ainmich an seansalair rudeigin dhaibh Diciadain.

Tubaist

Bha dithis luchd-coiseachd am measg ochdnar a chaidh a leòn ann an tubaist eadar càr agus bhan ann an Inbhir Nis a-raoir. Bha an dithis dheugairean - clann-nighean - a' coiseachd tarsainn an rathaid nuair a chaidh an leagail. A bharrachd orra-san, chaidh ceathrar de na bh' anns a' chàr a thoirt dhan ospadal cuideachd. Rinneadh cobhair meidigeach air an dithis a bh' anns an bhan, ach cha b' fheudar dhaibh a dhol dhan ospadal. Thathar a' tuigsinn gun bheil aon tè dhen chloinn-nighean air a droch ghoirteachadh. Thachair an tubaist mu sheachd uairean a-raoir aig cearcall-rathaid nan Ìnnseagan, ceann Slighe Shir Ualtar Scott.

A82

Tha trafaic a' siubhal a-rithist air an A82 eadar Inbhir Mhoireasdain agus Druim na Drochaid. Bha an rathad dùinte fad an deireadh sheachdainn, an dèidh do phìosan creige tuiteam air. Chaidh fhosgladh madainn an-diugh. Thuirt Coimisean na Coilltearachd gu bheil obair ri dhèanamh fhathast air na slèibhtean os cionn an rathaid.

Neo-eisimeileachd

Tha a' mhòr-chuid de mhunntir Bhreatainn a' creidsinn gum faigh Alba neo-eisimeileachd fhathast, a rèir rannsachaidh a rinn Oilthigh Dhùn Èideann am measg seachd mìle duine. Bha faisg air seachdnar às gach deichnear ann an Alba fhèin a' smaoineachadh gun tigeadh neo-eisimeileachd. Bha faisg air sianar às gach deichnear ann an Sasainn dhen bheachd sin.

Rionnag-earbaill

Chaidh dealbh iongantach de rionnag-earbaill a thogail aig Loch Nis a-raoir. Bha na maoir-chladaich air brath fhaighinn bho ghrunn dhaoine air a' chost an iar 's eagal orra gur e flèar bho bhàta ann an cunnart a bh' ann. Bha Iain Alasdair Dòmhnallach - a tha a' ruith companaidh thurasachd ann an Druim na Drochaid - a-muigh cuairt le camara ùr, 's fhuair e dealbh dhen rionnaig - srian mhòr gheal os cionn Loch Nis - a dh'fhàg an t-uisge air uachdar an locha ioma-dhathte.