Bhàsaich boireannach ann an teine an Cataibh
- Published
Bhàsaich boireannach ann an teine aig taigh ann an Rearquhar, a tha faisg air Dòrnach.
Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm chun an taighe aig 00.42 Diluain.
Thuirt an t-seirbheis smàlaidh gun do rinn iad sgrùdadh anns an taigh agus gun do lorg iad seann bhoireannach marbh na bhroinn.
Nì Poilis na h-Alba agus an t-seirbheis smàlaidh sgrùdadh mun teine.