Obair air an A82 deiseil
- Air fhoillseachadh

Thuit clachan mòra air an A82 Diardaoin agus b'fheudar an rathad a dhùnadh.

'S ann eadar Druim na Drochaid agus Inbhir Moireasdain a thachair an trioblaid.
Chaidh uidheamachd shònraichte a thogail le heileacoptair gu mullach nan leacan ri taobh an A82 airson na sgeirean mòra a dhèanamh sàbhailte.
Bha tòrr obrach ri dhèanamh le lìn son na creagan a chumail bho bhith tuiteam.
Chaidh acairean a chleachdadh son cuideachadh an luchd-obrach a bha dol sìos nan leacan.
Bha deagh thìde na chuideachadh son a bhith ag obair air na leacan os cionn an A82.