Uàrd dùinte aig Ospadal an Ràthaig Mhòir

Chaidh uàrd a dhùnadh aig Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis agus an galar Noro-bhìoras air sgapadh ann.

'S iad euslaintich air an tàinig stròc a bhios a' faighinn cùraim ann an uàrd 2A, agus thathas ag iarraidh air luchd-tadhail fuireach air falbh fhad 's a tha an galar air cuid de na h-euslaintich.

'S e seo an dàrna turas ann am bliadhna a tha Noro-bhìoras air a bhith anns an uàrd.

Thairis air na beagan mhìosan mu dheireadh tha Noro-bhìoras air nochdadh ann an Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearasdan, Ospadal Inbhir Ùige agus Dachaigh-cùraim Bayview an Inbhir Theòrsa.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag iarraidh air daoine gun a dhol gu ospadalan ma tha iad air a bhith a' cur a-mach no leis a' bhuinnich anns na 48 uairean de thìde mus robh dùil aca tadhal.