Camarathan fon prosbaig

Bidh buill de Phàrlamaid na h-Alba Dimàirt a' deasbad mar a chaidh camarathan-astair cuibheasach a stèidheachadh air an A9 eadar Inbhir Nis agus Dùn Bhlàthain.

Tha fiosrachadh a nochd bho chionn ghoirid a' cumail a-mach gu bheil mòran nas lugha dhràibhearan a' dol nas luaithe nan an t-astar ceadaichte na chleachd, agus gu bheil an sgeama a tha a' ceadachadh astar a bharrachd dha làraidhean ann an àiteachan cuideachd air soirbheachadh.

Chaidh an deasbad iarraidh le ball an SNP air Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan, Mike MacChoinnich.