Boireannach a bhàsaich ann an teine air a h-ainmeachadh
- Air fhoillseachadh
Chaidh am boireannach a bhàsaich ann an teine aig taigh ann an Ruigh Fhearchair, a tha faisg air Dòrnach ann an Cataibh, ainmeachadh.
B' i Sheena NicMhathain, 74 bliadhna de dh'aois.
Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm chun an taighe aig 12:42m Diluain.
Thuirt an t-seirbheis smàlaidh gun do rinn iad sgrùdadh anns an taigh agus gun do lorg iad boireannach marbh na bhroinn.
Nì Poilis na h-Alba agus an t-seirbheis smàlaidh sgrùdadh mun teine.