Tosgaire Iomain airson proiseict dementia

Iain MacCoinnich Image copyright Dòmhnall MacAoidh / Tasglann Uisdein MhicIllinnein
Image caption Iain MacCoinnich bhon Bhaile Ùr agus Tomaidh MacNeacail bho Chaol Bhòid a' cluich anns an a' chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd ann an 1979.

Tha fear de shàr laoich na h-iomain air a dhol na thosgaire air pròiseict a tha ag amas air daoine air a bheil dementia a chuideachadh tro a bhith a' coimhead air seann dealbhan camanachd.

Nochd Iain MacCoinnich à Bail' Ùr an t-Slèibh e fhèin ann am fear de na dealbhan iomain as ainmeile a th' ann bho chuairt dheireanniach Chupa na Camanachd ann an 1979, dealbh a bhuannaich duais dhealbh spòrs na bhliadhna ann an 1979.

Bidh Cuimhneachain Iomain a' cleachdadh dhealbhan de sheann chluicheadairean, sgiobannan, pàircean agus rudan eile co-cheangailte ris an spòrs airson cuimhneachain a bhrosnachadh ann an daoine le dementia.

Lìonrathan eile

Tha grunnan Lìonrathan Cuimhneachain eile aig Alzheimer Scotland a tha a' dèiligeadh ri cuspairean mar ball-coise, rugbaidh agus fiolmaichean.

Tha Alzheimer Scotland ag ràdh gu bheil gu bheil an obair seo air feum a dhèanamh aig dachannan-cùraim.

Tha Alzheimer Scotland agus Comann na Camanachd air pasgan tòiseachaidh de 100 dealbh a chur ri chèile agus tha fiosrachadh ga ullachadh anns an dà chuid Gàidhlig agus Beurla.

Sàr laoch iomain

'S e Iain MacCoinnich MBE à Bail' Ùr an t-Slèibhe, a chluiche do dh'Alba agus a bha na mhanaidsear air an sgioba nàiseanta cuideachd, Tosgaire Pròiseict na h-Iomain

Thuirt an t-Oll Ùisdean MacIllInnein a tha an dèidh bhith a' toirt taic do Alzheimer Scotland ag ràdh gu bheil Maighstir MacCoinnich anabarrach freagarrach airson na h-obrach.

Bha e ag ràdh: "Tha Iain ainmeil e fhèin mar chluicheadair agus tha e aig ìre na bheatha far a bheil e eòlach air tòrr dhaoine leis an tinneas seo."

A' bruidhinn mun dealbh ainmeil bho 1979, thuirt Maighstir MacIllInnein: "Gu h-annasach, tha Tomaidh MacNeacail bho Chaol Bhòid ann agus gu mì-fhortannach, chaochail Tomaidh am bliadhna seo fhèin agus bha e air a bhith còig bliadhna a' fulang le dementia agus bha Iain MacCoinnich uabhasach faisg air Tomaidh."