Uard dùinte an Ospadal Gallaibh
- Published
Chaidh Uard aig Ospadal Ghallaibh, a chaidh a dhùnadh ri linn Noro-Bhìoras na bu thràithe air a' mhios, a dhùnadh a-rithist.
Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil stad ga chur air euslaintich ùra bho bhith a' dol a-steach gu Uard Bignold, le seachdnar euslainteach a' fulang, agus triùir den luchd-obrach.
Thathas ag iarraidh air a' phoball gun tadhail air euslaintich a tha san uard sin.
Bidh am bhìoras, a dh'fhàgas daoine leis a' bhuinnich agus a' cur-a-mach, a' sgapadh san adhair, agus tha e gu math gabhaltach.