Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gearraidhean

Chaid an Seansalair, Seòras Osborne, às àicheadh gun dèan na Tòraidhean gearraidhean mòra sna seirbheisean poblach ma shoirbhicheas leotha san taghadh choitcheann. Tha na Làbaraich ag ràdh gu bheil Mgr Osborne ag ullachadh an dèidh a' bhuidseit an-dè, airson ghearraidhean gu math nas motha na bh' ann gu ruige seo.

Gnìomhachas na h-Ola

Thuirt am fear-gnothaich Albannach Sir Iain Wood a tha an sàs gu mòr ann an obair na h-ola gu bheil faochadh chìsean sa bhuidseat an-dè a' toirt dòchais dhan ghnìomhachas. Thuirt e nach eil e follaiseach fhathast am bi sin gu leòr, ach gu bheil e a' toirt misneachd às ùr dhan ghnìomhachas aig an àm seo.

Tunis

Thuirt am Prìomhaire ann an Tunisia, Habib Essi, gum b' aithne dha na seirbheisean brathaidh anns an dùthaich sin fear den luchd-gunna a rinn ceannairc an-dè. Bha 17 duine de luchd-turais am measg 19 a chaill am beatha nuair a thug na ceannaircich ionnsaigh air Taigh-tasgaidh Bardo sa phrìomh bhaile Tunis.

An Ugràin

Tha 35 duine de luchd-trèanaidh Airm Bhreatainn san Ugràin a' tòirt taic do na feachdan Ugràinianach a tha a' strì ris na reubaltaich aig a bheil taic na Ruis air taobh sear na dùthcha. Cuiridh iad dà mhìos seachad anns an sgìre sin a' toirt comhairle air na h-Ugràinianaich.

An A9

Tha rathad an A9 fhathast dùinte mu mhìle tuath air Ceann a' Ghiuthsaich. Thachair tubaist eadar dà làraidh mu 06:00m an-diugh. Chan eil fiosrachadh ann mu an deach duine a ghoirteachadh no eile. Tha poilis a' stiùireadh na trafaig air slighe eile timcheall air an sgìre sin.

Na h-Eileanan

Tha a' chiad àrd-choinneamh bhliadhnail eadar riochdairean às na h-Eileanan an Iar agus na h-Eileanan mu Thuath, ann an Lèaruig ann an Sealtainn an-diugh. Tha na ceannardan comhairle a' coinneachadh, le Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil anns a' chathair orra. Tha iad a' deasbad, am measg rudan eile, na tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' moladh mu ìre de dh'fhèin-riaghladh dha na sgìrean eileanach.