Pròiseact Cidhe Stafainn ga thaisbeanadh

Cidhe Stafainn
Image caption Dheadh ionad-giollachd èisg a thogail an cois a' chidhe, le dùil gum biodh mu 100 cosnadh an lùib na h-obrach leasachaidh uile gu lèir.

Thèid cothrom a thoirt do mhuinntir Stafainn san Eilean Sgiathanach Disathairne am fiosrachadh às ùire fhaighinn air a' phròiseact airson laimrig na sgìre a leasachadh.

Bidh stiùirichean Urras an Taobh Sear an làthair 'son ceistean sam bith a fhreagairt.

Tha am pròiseact ag amas air ionad-giollachd èisg a thogail an cois a' chidhe, le amas air a' cheann thall gum bi an gnìomhachas sin ann an làmhan na coimhearsnachd.

"Tha tòrr rannsachaidh air a bhith air a dhèanamh bho àm na coinneimh mu dheireadh," thuirt Cathraiche an Urrais, Dòmhnall Dòmhnallach.

Buaidh

"Bha an rannsachadh sin leth-char cudromach air sgàth gun robh e a' coimhead air a' bhuaidh a bhiodh aig a' phròiseact air eaconamaidh na sgìre.

"Bha e cuideachd a' coimhead air dè dìreach a' bhuaidh a bhiodh aige air an àrainneachd.

"Agus bha rannsachadh eile ann a bha a' coimhead air dè seòrsa cruth is dealbh a bhiodh air a' chala, agus ciamar a b' urrainn dhuinn rudan obrachadh airson maith gach buidhne a tha am beachd a bhith an sàs anns a' phròiseact.

"Faodaidh mi cantail gu bheil dealbh againn air an rud a bu mhiann leinn, ach mar a thuigeas daoine, tha tòrr rudan ri tachairt mus urrainn dhut tòiseachadh air pròiseact mar seo a chur ri chèile.

"Bidh pròiseas againn ri dhol troimhe a thaobh cead-dealbhachaidh, agus bidh againn ri coimhead beagan a bharrachd air dè dìreach a' bhuaidh a bhiodh aig a' phlana a th' againn air a' mhuir, 's air na cladaichean mun cuairt oirnn fhèin, air na beathaichean a tha mun cuairt, agus cuideachd air an àrainneachd.

"Mar a tha na rudan sin, chan eil fhios agad gus an dèan thu an rannsachadh a tha sin dìreach dè a' bhuaidh a bhios aca air a' phròiseact aig deiredh an là.

"Tha rannsachadh a' sealltainn gum biodh barrachd is 100 obair ceangailte ris an obair-leasachaidh seo.

"Cha bhiodh iad sin uile idir anns an sgìre seo. Bhiodh feadhainn aca ann am pàirtean eile den Eilean Sgitheanach, 's bhiodh feadhainn eile aca air Tìr Mòr agus ann am feadhainn de na h-eileanan eile cuideachd.

"'S e pròiseact gu math mòr a tha seo. Tha buaidh gus a bhith aige air an dòigh a tha daoine a' làimhseachadh èisg - gu h-àraid bradan - mu chuairt nan cladaichean ann an seo.

"'S e fear de na rudan as tarraingiche, 's e gu bheil e a' dol a ghearradh sìos chosgaisean gu mòr airson daoine, aig a bheil tuathanais-èisg, agus daoine cuideachd a tha an-dràsta a' cur an èisg air astar fada airson a thoirt dhan ath-ìre.

"Gearraidh seo sìos cosgaisean do dhaoine sa ghnìomhachas gu mòr, agus cruthaichidh e obraichean," thuirt e.

Bidh an Là Fosgailte ann Disathairne 21mh am Màrt, ann an Talla Stafainn eadar 11:00m agus 2:00f.