Bàs ann an tubaist air an A9

Làrach na tubaiste
Image caption Tha dùil gum bi an rathad dùinte treis mhath thathast, agus tha seach-shlighe air a chur air dòigh taobh a' B9152.

Tha fireannach air bàsachadh an dèidh tubaist eadar dà làraidh air an A9 madainn Diardaoin.

Thachair an tubaist mu mhìle tuath air Ceann a' Ghiùthsaich.

Chaidh an dàrna fireannach a ghoirteachadh san tubaist, a thachair aig 06:10m, a' fàgail sprùillich air feadh an rathaid.

Chaidh an rathad a dhùnadh aig an làraich, agus dùil gum bi e dùinte "treis mhath" fhathast.

Tha na Poilis air seach-shlighe a chur air dòigh taobh a' B9152.