Am broinn a' bhogsa
Niall O'Gallagher
Fear-naidheachd poileataigeach
@BBCNiallOGon Twitter
- Published
A bheil sibhse a' faireachdainn nas fheàrr dheth?
Ma dh'fhaodte gu bheil tòrr an crochadh air freagairt na ceist sin.
An-dè, agus e a' foillseachadh a' bhuidseit mu dheireadh ron taghadh, thuirt Seòras Osborne gun robh an dùthaich air ais an t-slighe cheart às dèidh bhliadhnaichean duilich a' chrìonaidh.
Ann an òraid a mhair mu uair a thìde, bha àireamhan aige le stòr.
Tha làn fhios aig an t-Seansalair gun tèid an stiùireadh eacanomach aige a mheasadh a rèir slait-thomhais eadar-dhealaichte.
Ach dè mu dheidhinn na slaite aige fhèin?
Targaid
Air ais ann an 2010, anns a' bhuidseat 'èiginneach' a lean gu luath air là mòr Dhàibhidh is Nick ann an Gàrradh nan Ròs, bha tè shìmplidh aig an t-Seansalar ùr.
Gheall Mgr Osborne gun dùineadh a' bheàrn eadar cosnadh agus cosgais an riaghaltais ro thaghadh 2015.
Cha b' urrainn dha a bhith na bu shoilleire.
Ach an-dè, mar gum biodh le slait-draoidheil, chaidh an targaid sin a chur don darna taobh.
Gun chion bhathais air, dhearbh an Seansalar gun deach easbhaidh na dùthcha a ghearradh le 50%.
Nach math a rinn e!
Ionnsaigh
Ach cha b' urrainn do na Làbaraich cus slaice a thoirt air an riaghaltas airson an droch chuimse leis an targaid bhunaitich seo.
Cuimhnich gum b' e seo - cruaidh-chas na h-eaconomaidh agus am feum earbsa nam margaidhean a ghlèidheadh - an leisgeul a thug Nick Clegg seachad airson a dhol a-steach don cho-bhanntachd anns a' chiad dol a-mach.
Ach tha an dà Ed - Miliband agus Balls - dhen bheachd gur e an targaid cheàrr a bha innte co-dhìù, a dhèanadh cron mòr air an eaconomaidh agus air a' choimhearsnachd.
Mar sin, nuair a fhuair e an cothrom, dh'fheuch ceannard nan Làbarach loidhne ionnsaigh eile, gur e riaghaltas mì-onarach a bha seo, a bhriseadh gach gealltanas a dhèanadh iad.
A-rithist agus a-rithist - air eagal 's nach cleachdadh an loidhne anns na naidheachdan - thuirt Mgr Miliband nach bu chòir suim sam bith a thoirt don bhuidseat seo, nach creideadh an sluagh e.
A bheil e ceart?
Cliù
Anns an t-seagh seo, ghluais Mgr Miliband aire air falbh bho dhiofaran poileasaidh - a tha mòr gu leòr aig an taghadh seo - gu creideas an dà phàrtaidh sin air an eaconomaidh.
Is i a' cheist an e cath a tha seo a bhuannaicheas e.
On turas mu dheireadh a dh'fhalbh Gòrdon Brown tron doras dhubh , tha na Làbaraich air a bhith a' strì gus an cliù aca air an eaconomaidh a chàradh.
Ach a bheil ùine gu leòr air fhàgail aca an t-amas sin a chloilionadh?
Bidh Mgr Osborne an dòchas gun robh gu leòr aige anns a' bhocsa dhearg an-dè.
Cuiridh an luchd-bhòtaidh roimhe a dh'aithghearr cò a dh'fhosglas e an ath-bhliadhna.