Beàrnaraigh Leòdhais airson ceannach

Beàrnaraigh Leòdhais
Image caption Tha beagan is 200 duine a' fuireach ann am Beàrnaraigh Leòdhais an-dràsta, agus thathas airson sin àrdachadh.

Tha muinntir Bhèarnaraigh Leòdhais air bhòtadh airson gluasad a dh'ionnsaigh an oighreachd a cheannach.

Sa bhòt, bha 142 air a shon le 37 na aghaidh, is 85% den t-sluagh a' bhòtadh.

Tha dùil a-nis gun dèan iad tagradh airson taic-airgid.

A rèir fhir de mhuinntir an àite, Calum Dòmhnallach, tha grunn phlanaichean san amharc aca mu thràth airson na dhèanadh iad leis an oighreachd.

"Bha uachdaran math againn ann am Beàrnaraigh. Count Mirrlees. Agus chaochail esan bho chionn dà bhliadhna," thuirt e.

"'S e a mhac agus na h-oghaichean a fhuair an àite.

"Nise, thàinig a mhac thugainn agus thuirt e rinn an robh sinn ag iarraidh ceannach an àite nan robh sinn a' dol a dh'fhaighinn cothrom?

"Chuir e fios thugainn, agus chuir sinne comataidh stiùiridh ri chèile, agus thòisich sinn a' dèanamh rannsachaidh airson faighinn a-mach dè seòrsa rudan a dh'fhaodadh sinn a dhèanamh ann am Beàrnaraigh.

"Le sin, fhuair sinn a-mach bho HIE, gur e an rud as fheàrr a dh'fhaodadh sinn a dhèanamh, 's e tuath-gaoithe a chur ann, agus airgead fhaighinn à sin bhon Riaghaltas," thuirt e.

Tha dùil cuideachd gun tèid gnìomhachasan ciùird agus eile a leasachadh, gus luchd-turais a thàladh chun an eilein.

Tha a' Chomataidh cuideachd ag amas air àireamh sluaigh an eilein, a tha an-dràsta aig beagan is 200, àrdachadh, agus teaghlaichean òga a bhrosnachadh fuireach ann.