Atharrachadh air taic-airgid a' chùl chinn?

Mòinteach
Image caption Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e siostam eadar-dhealaichte a th' ann, 's nach eil dùil gun toir seo buaidh an Alba, ach gun cumadh iad sùil air cùisean.

Dh'fhaodadh buannachd mhòr a bhith ann do chroitearan na h-Alba an dèidh cùis-lagha ann an Sasainn a thug am follais nach robh DEFRA, a' bhuidheann riaghaltais a tha os cionn chùisean dùthchail ann an Sasainn, a' pàigheadh an airgid gu lèir air talamh ionaltraidh.

Cha robh DEFRA ach a' pàigheadh taic-airgid air cuid de na h-earrainnean seach air an talamh gu lèir, agus tha ceist ann a-nise dè a' bhuaidh a dh'fhaodadh seo a thoirt air an dòigh sam bi Riaghaltas na h-Alba a' roinn an airgid sin.

Thog tuathanaich ann an Gloucestershire ann an Sasainn, a bhios a' cleachdadh talamh-ionaltraidh ann am bailtean Minchinghampton agus Rodborough, cùis le DEFRA, mun dòigh a bha tuathanaich a' faighinn an taic-airgid Eòrpaich airson na talmhainn-ionaltraidh aca.

Bidh an suim airgid ann airson na talmhainn air fad, agus e air a roinn am measg gach tuathanach aig a bheil earrainn den talamh sin.

An fheadhain mu dheireadh

Ach bha gu leòr thuathanaich aig an robh còirichean ionaltraidh nach robh a' cur a-steach iarrtais, agus bha DEFRA, an àite a bhith a' roinn na suime air fad eatorra sin, a' toirt dhaibh na gheibheadh iad stèidhichte air làn-chleachdadh, gun an còrr dheth a phàigheadh a-mach. Tha sin a dh'aindeoin 's gu bheil na tuathanaich a tha ga chleachdadh a' coimhead às dèidh an fhearainn air fad.

Ghabh DEFRA ris gum bu chòir an t-airgead air fad a th' air a chomharrachadh airson pìos de thalamh-ionaltraidh a roinn eadar na tuathanaich a tha a' cleachdadh an fhearainn sin.

Tha Gwyn Jones, a bhios a' toirt comhairle don Choimisean Eòrpach air cùisean dùthchail, den bheachd gum bi buannachd an lùib a' cho-dhùnaidh seo do chroitearan ann an Alba.

"'S iad na croitearan a gheibheadh a' bhuannachd a bu mhotha, iadsan a tha a' cumail a' dol - far a bheil iadsan air an fheadhainn mu dheireadh a tha a' cleachdadh na talmhainn-ionaltraidh, air a bheil mòran earrainnean.

"Ma tha mòran luchd-earrainn a' cleachdadh na talmhainn-ionaltraidh, cha dèan e diofar mòr sam bith.

"Ach ma tha 100 earrainn air, agus ma 's tusa an aon duine a tha ga chleachdadh, dh'fhaodadh gu bheil thu a' call 99% den taic-airgid," thuirt e.

Tha Mgr Jones air ìmpidh a chur air Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs anns a' chùis a tha seo gus dèanamh cinnteach gum faigh croitearan na h-Alba na tha a dhìth orra.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh iad a' comharrachadh na thachair anns a' chùis seo, ach gur e siostam eadar-dhealaichte a th' ann a thaobh "commons" ann an Sasainn, 's nach robh dùil aca gun toireadh e buaidh air na tha a' tachairt ann an Alba.

Thuirt iad ge-tà gun cumadh iad sùil air cùisean.

Ach tha Gwyn Jones a' cumail a-mach, nuair a thig Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais (CAP) ùr a-steach an ceann beagan mhìosan, gu h-àraid Sgrama a' Phàighidh Bhunaidich (BPS), gum bi cùisean ann an Alba air an aon dòigh ri mar a tha ann an Sasainn

A rèir nam figearan a fhuair BBC Naidheachdan, dh'fhaodadh gum bi buannachd luach £3m do chroitearan na h-Alba.