Fear a bhàsaich air an A9 ga ainmeachadh
- Air fhoillseachadh
Chaidh fireannach a bhàsaich ann an tubaist eadar dà làraidh air an A9 Diardaoin, ainmeachadh.
B' e Alasdair Friseal, a bha 50 bliadhna de dh'aois, agus a bhuineadh do dh'Inbhir Nis.
Chaidh an dàrna fireannach a ghoirteachadh san tubaist, a thachair mu mhìle tuath air Ceann a' Ghiùthsaich aig 06:10m, a' fàgail sprùillich airf eadh an rathaid.
Chaidh an rathad a dhùnadh a' chuid as motha den là Diardaoin, agus obair mhinideach a' dol air adhart aig an làraich. Chaidh seach-shlighe a chur air dòigh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 19 Am Màrt 2015