Gàidhlig "ann an cunnart" an Eaglais an h-Alba

Àrd Sheanadh Eaglais na h-Alba
Image caption Bha a' cho-labhairt a' coimhead ri mar a ghabhadh a' Ghàidhlig a bhrosnachadh taobh a-staigh na h-eaglais

Tha a' Ghàidhlig ann an cunnart a dhol à bith ann an Eaglais na h-Alba, mura tèid barrachd a dhèanamh airson a glèidheadh - b' e sin an teachdaireachd a chuala na chruinnich aig co-labhairt a chuir an eaglais air dòigh ann an Glaschu aig an deireadh-sheachdainn.

Bha a' cho-labhairt a' coimhead ri cleachdadh na Gàidhlig anns an eaglais, 's an àireamh dhaoine a bhios a' frithealadh seirbheisean Gàidhlig, mar eisimpleir, air crìonadh thar nam bliadhnaichean.

Chaidh grunn mholaidhean a chuir air adhart a thaobh mar a ghabhadh a' Ghàidhlig a bhrosnachadh, an leithid le bhith a' fastadh oifigear leasachaidh, neo a' tabhainn tuilleadh taic do mhinistearan a dh'iarradh searmonachadh sa Ghàidhlig.

Chruinnich mu 60 duine aig a' cho-labhairt ann an Eaglais an Tron.

A-measg nan cuspairean a thog ceann bha craoladh, goireasan airson ministearan agus mar a ghabhadh barrachd a chuir ann an clò.

Suidheachadh "lag"

Dh'aidich ministear sgìre Bheàrnaraigh, Ùig agus cheann a tuath nan Loch ann an Leòdhas, an t-Urr. Ùisdean Stiùbhart, gu bheil a' Ghàidhlig anns an eaglais ann an suidheachadh lag.

"Tha a' Ghàidhlig lag anns an eaglais - tha searmonachadh Gàidhlig, tha seirbheisean Gàidhlig lag - feumaidh sinn sin aideachadh - ach chan eil e marbh - agus rud nach eil marbh 's urrainn dha a bhith air a thoirt beò" thuirt e.

Modàratair ùr

'S an t-Oll. Urr. Aonghas Moireasdan, an ath-Mhodàratair a bhios air Àrd Sheanadh Eaglais na h-Alba, a bha os cionn na co-labhairt.

Bha esan toilichte le mar a chaidh an là.

"Tha sinn air cluinntinn bho luchd-labhairt a tha fìor chomasach ... agus tha mi an dòchas gun tèid sinn air adhart às an seo leis an dara agus an treas ceum 's dòcha, ach 's e là fìor mhisneachail a bh' againn an-diugh" thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile