Dùil gum faigh tuath-gaoithe san Eilean Sgitheanach cead

  • Air fhoillseachadh
Dùn BheaganTùs an deilbh, BBC (le cead bho Undiscovered Scotland)
Fo-thiotal an deilbh,
Tha muinntir Dhùn Bheagain a-measg na dh'fhaodadh buannachd fhàighinn às an tuath-gaoithe

Tha dùil gun cur Comhairle na Gàidhealtachd taic Dimàirt ri tuath-gaoithe Ghlinn Ullinis san Eilean Sgitheanach, anns am biodh 14 cruinn.

Tha a' chompanaidh a th' air cùl nam planaichean, Kilmac Construction, a' dèanamh dheth gum faodadh e cumhachd a chruthachadh airson suas ri 23,000 dachaigh.

Gheibheadh na còig sgirean as fhaisge air an tuath-gaoithe cothrom air stòras airgid coimhearsnachd luach £250,000 gach bliadhna - sin £6.25m thar bheatha a' phròiseict.

'S e Minginis tè dhen na sgìrean a gheibheadh airgead às - £25,000 sa bhliadhna.

Tha Calina NicDhòmhnaill bhon sgìre sin ag ràdh gu bheil fàilte ga chuir air na planaichean anns a' cheàrnaidh sin leis nach eil iad air buannachd fhaighinn bho gin dhen na pròiseactan gaoithe a th' anns an eilean mar-thà.

"Tha an t-Aodann Bàn, an Sruthan, Dùn Bheagain, - tha na coimhearsnachdan sin air airgead fhaighinn mar-thà ach chan eil sinn a' faighinn sgillinn agus fhathast tha sinn a' coimhead a-mach orra a h-uile là" thuirt i.

Tha oifigearan dealbhachaidh a' moladh cead a thoirt dhan tuath-gaoithe.