Ionnsaigh an Inbhir Nis

Tha na poilis a' tagradh airson fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh ionnsaigh a thoirt air fireannach ann an Inbhir Nis feasgar na Sàbaid.

Thachair an ionnsaigh ann am Baile Chnuic aig mu 2020.

Thàinig dithis fhireannach suas chun duine, eadar Slighe Leyton agus na flataichean air Rathad MhicAoidh, agus ghoid iad a bhaga.

Bha fear dhiubh a' bruidhinn le blas cainnt taobh a-sear na Roinn Eòrpa.

Bha geansaidhean "hoodie" dorcha orra, agus trainers buidhe air fear dhiubh.