Fearg am Moireibh is cuirm Sea King ga cur dheth

Heileacoptair Sea King Image copyright Getty Images
Image caption Thèid na heileacoptairean Sea King a thoirt a-mach à seirbheis an t-seachdain seo tighinn.

Tha fearg air daoine ann am Moireibh às dèidh mar a chaidh cuirm, a bha gu bhith a' comharrachadh gun robh heileacoptairean Sea King a' dol a-mach à seirbheis, a chur dheth.

Chuir buill dhan Sguadron 202 ann an Inbhir Losaidh an cruinneachadh air dòigh airson luchd-obrach agus muinntir na sgìre.

Bidh na heileacoptairean a' dol a-mach à seirbheis an t-seachdain seo tighinn, agus thèid heileacoptairean a bhios air an ruith le companaidh bhon roinn phrìobhaidich nan àite

Tha na heileacoptairean Sea King air a bhith ann an Inbhir Losaidh airson còrr air 40 bliadhna.

Bha cuid anns an sgìre ag ràdh gur e co-dhùnadh uabhasach a bha sin.

Chan eil e soilleir cò a chur a' chuirm a bha gu bhith an Eilginn dheth, ach tha an RAF ag ràdh nach b' e an MOD a bh' ann.