Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Atmhorachd

Thuit an atmhorachd gu 0% anns a' Ghearran, a rèir Oifis nan Staitistig Nàiseanta (ONS). Thàinig clàr an CPI a-nuas gu 0% air a' mhìos a chaidh bho 0.3% anns an Fhaoilleach. Sin an ìre as lugha ann an 50 bliadhna, agus tha an ONS ag ràdh gur e prìs ìseal a' bhìdhe, connadh agus àirneis as motha a thug buaidh air sin.

Dàibhidh Camshron

Chuir a charaidean agus a chompanaich dìon air Dàibhidh Camshron a chuir iongnadh air mòran nuair a leig e fhaicinn nach iarr e an treas teirm mar Phrìomhaire. Tha na Làbaraich 's na Lib-Deamaich ag ràdh ge-tà, gu bheil e ladarna dha a bhith a' gabhail air fhèin gum bi an cothrom sin aige, agus tha Tòraidhean a' gabhail iongnaidh gun do chuir e ceann-là air ùine mar Phrìomhaire.

Poblachdaich

Tha comataidh pàrlamaid ann an Westminster a' cur teagamh sa phròiseas fo an deach innse do chòrr is 200 Poblachdach ann an Èirinn, an robh no nach robh na Poilis às an dèidh. Thuirt Comataidh Chùisean Èireann a Tuath, a th' air a bhith a' rannsachadh na sgeama fo an robh feadhainn a' teicheadh bho cheartas, gun do chuir sin teagamh ann an laghalachd na sgeama.

Na h-Eileanan Fàclannach

Thuirt Rùnaire an Dìon, Mìcheal Fallon, gu bheil Argentina na cunnart cho mòr 's a bha i riamh dha na h-Eileanan Fàclannach. Bha Mgr Fallon a' toirt a bheachd air aithrisean gu bheil an Ruis deònach itealain chogaidh a thoirt air iasad do dh'Argentina. Thuirt e, ged nach eil dearbhadh ann air na h-aithrisean sin mun Ruis, gu bheil Argentina fhathast le sùil air na h-Eileanan.

An A87

Thuirt oifigearan Riaghaltas na h-Alba gun dèan iad càradh mòr a dh'aithghearr air a' phrìomh rathad dhan Eilean Sgitheanach, an A87. Dh'aidich iad gu bheil an rathad eadar Inbhir Garadh agus an Caol ann an droch staid an dèidh a' Gheamhraidh, agus gu bheil iad ri obair eadar-amail an-dràsta, le dùil ri càradh nas susbainntiche a' tòiseachadh air an ath-mhìos.

Talamh Fiadhaich

Tha Rob Gibson, fear de bhuill na Gàidhealtachd ann am Pàrlamaid na h-Alba, ag iarraidh stad air comharrachadh fearainn mar "Thalamh Fiadhaich". Tha Mgr Gibson ag ràdh gu bheil an t-inbhe sin a' cur bacadh air daoine bho a bhith a' fuireach ann an sgìrean far an robh ceudan dhaoine a' tighinn beò aig aon àm.