Leasachadh ga dhiùltadh air tac nan tarbh
- Published
Dhiùlt Neach-aithris Riaghaltas na h-Alba cead do phlanaichean airson grunn taighean a thogail air fearann le Coimisean na Croitearachd air iomall Inbhir Nis.
Mhol an t-oifigeach dealbhachaidh gun deadh am fearann a ghlèidheadh airson àiteachais.
Bha Comhairle na Gàidhealtachd air trì pàircean aig tuathanas tharbh a' Choimisein, Chnoc nan Giall, air taobh an iar-dheas a' bhaile, mar phàirt de Plana Leasachaidh Chinn A-staigh Linne Mhoireibh.
Bidh an tuathanas a' leigeil tharbh do chroitearan agus do thuathanaich.