Tancair ga slaodadh far nan creagan
- Air fhoillseachadh

Thàinig e am follais gur e bàta tuathanais-èisg a rinn cobhair air tancair-ola a chaidh air na creagan faisg air beul Chala Inbhir Nis Diluain.
Chaidh am Mersey Fisher, 2,760 tunna, air a' ghrunnd aig Rubha na Càrnaige, 's i a' gabhail a-steach don phort mu 01:00m.
Bidh an tancair a' tadhail air a' phort gu cunbhallach, 's i a' giùlain ola chonnaidh.
Chan eil e soilleir dè thug oirre a dhol air na creagan, ach is coltach gun do dh'fhalbh an sruth leatha faisg air beul na h-aibhne.
Bha soitheach eile, an Helen Burnie, a bhios ag obair mar shoitheach-taice do thuathanasan-èisg, anns a' chala aig an àm.
Chaidh iarraidh oirre cuideachadh, agus thug i mu 45 mionaidean gus an tancair a shlaodadh far nan creagan, dìreach ro làn àrd madainn Diluain.
Thuirt labhraiche do Phort Inbhir Nis nach deach truailleadh sam bith a dhèanamh, agus nach deach duine sam bith a ghoirteachadh.
Chaidh fios a chur air Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara, agus tha dùil ri aithisg bhuapasan air a' chùis.