"Obair-càraidh mhòr" air an A87

Gheall Còmhdhail na h-Alba gun tèid "obair-càraidh shusbainteach" a dhèanamh air an A87 eadar Inbhir Garadh agus an Caol, às dèidh a' mhillidh a rinn droch shìde a' Gheamhraidh air.

Dh'aidich a' bhuidheann gu bheil pìosan den rathad ann an droch staid, 's iad ag ràdh gu bheil iad mar-thà air tòiseachadh air obair-càraidh eadar-amail.

Tòisichidh obair nas motha air an rathad an ath-mhìos.

Thog fear de chomhairlichean na sgìre, Dàibhidh MacThòmais, staid an rathaid leis a' bhuidhinn chòmhdhail.

Ann an litir air ais thuige, thuirt Còmhdhail na h-Alba gun tèid coimhead cuideachd ri obair air structar an rathaid a thoirt air adhart.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile