An Sealladh bho na h-Àirdean

Anns an òraid aige do cho-labhairt Albannaich nan Lib Deamach air an deireadh-sheachdain, chuir Willie Rennie nar cuimhne gur toil leis a bhith a' streap nan beanntan.

Dh'fhaodadh e a bhith doirbh, uaireanan gu math cràiteach.

Ach ged nach creideadh tu gum faigheadh tu chun a' mhullaich, 's e sealladh eireachdail a bha ri fhaicinn o na h-àirdean.

Beagan làithean mus tòisich iomairt oifigeil an taghaidh, bu chòir fios a bhith aig a' phàrtaidh aige gu bheil beann aca ri streap ron Chèitean.

A rèir nan cunntasan-bheachd, tha dùil ri taghadh air leth doirbh aig na Lib Deamaich agus cuid ag ràdh gu faodadh iad cha mhòr a h-uile suidheachan a tha aca ann an Alba a chall.

Ach a dh'aindeoin na fianaise sin, tha Mgr Rennie a' cumail a-mach gu deimhinneach gun tèid aca air an taghadh a bhuannachadh.

Co-dhùnadh

Dè idir a tha e a' ciallachadh?

Tha còig bliadhna o rinn Nick Clegg agus a chàirdean an co-dhùnadh a thug staid a' phàrtaidh mu thuath a-mach à làmhan nan ceannardan Albannach aige.

Bliadhna às dèidh dha dol a-steach don cho-bhanntachd leis na Tòraidhean, chaidh sgrios a dhèanamh air càirdean Mhgr Clegg anns a' Phàrlamaid Albannaich.

Fhuair Willie Rennie a dhreuchd as dèidh mar a leig Tavish Scott an ceannas seachad agus gun ach còignear Libearalaich air fhàgail aig Holyrood.

Leanadh air sin le call mòr eile ag na taghaidhean ionadail.

A-nis, tha dùil aig cha mhòr a h-uile duine gun tèid am peannasachadh a-rithist aig na bogsaichean-baileit.

Dòchas

A h-uile duine seach iad fhèin.

Gu poblach co-dhiù, tha Mgr Rennie - le Alistair MacIlleMhìcheil, Danny Alexander agus Teàrlach Ceanadach ri thaobh - ag ràdh gu bheil adhbharan dòchais ann.

Ann an coinneimh le luchd-naidheachd thuirt Paddy Ashdown - a tha a' stiùireadh na h-iomairt aca aig an taghadh seo - gun robh rannsachadh a' phàrtaidh fhèin gan cur air thoiseach no faisg air sin anns a' mhòrchuid de na h-aon sgìrean deug a tha aca ann an Alba an-dràsta.

Chum seann cheannard nan Lib Deamach a-mach gum faigheadh iad buannachd bho thaic phearsanta nam ball aca ann an tòrr sgìrean.

Agus fiù 's ann an sgìrean far an robh buill leithid Ming Chaimbeil agus Malcolm Bruce gus fàgail, bha iad an dòchas gum faigheadh iad taic bho Làbaraich agus Tòraidhean a bha airson an SNP a chumail a-mach.

'S e sin am plana a tha aca ann an sgìre Ghòrdain far a bheil nàiseantach ainmeil airson faighinn air ais gu Westminster.

Àbhaisteach

Air dòigh bha òraid Mhgr Rennie coltach ri òraid taghaidh àbhaistich le ceannard an darna pàrtaidh as motha ann an Alba, a rèir na tha aca de bhuill anns na Cumantan.

Bhruidhinn e mu na rinn iad anns an riaghaltas anns na còig bliadhna a dh'fhalbh agus na dhèanadh iad anns na còig a tha romhainn.

Bha e moiteil gu sònraichte às an àrdachadh cìse a chur iad an sàs do dhaoine air tuaradail nas ìsle, fianais gum b' iad am pàrtaidh a bheireadh "eaconomaidh làidir agus coimhearsnachd cothromach" seachad.

Ach tha fios nach e amannan àbhaisteach a tha annta idir.

'S e beann mòr dhà-rìribh a tha air fàire do na Lib Deamaich ann an Alba agus sealladh gu math dorch romhpa.

Chan eil tòrr ùine fhàgail airson sin atharrachadh.