"Dìth earbsa" ann an roinn an fhoghlaim

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Thuirt a' Chomhairle gun deach am poileasaidh cho-chomhairleachaidh aca a leantainn, agus gu bheil am modal dà sgoil a bhith fo aon cheannard air a bhith soirbheachail le sgoiltean eile o chionn ùine.

Tha pàrantan air taobh siar Leòdhais ag ràdh gun robh cus cabhaige air Comhairle nan Eilean Siar planaichean a chur troimhe a chuireadh an aon cheannard air sgoiltean Shiaboist agus Bhreascleit.

A rèir nam pàrantan cha robh co-chomhairleachadh brìghmhor air a dhèanamh mun chùis, agus tha iad ag ràdh nach eil earbsa sam bith aca ann an Roinn Foghlaim na Comhairle, an dèidh mar a làimhsich iad a' chùis.

Tha fear de Chomhairlichean na sgìre, Alasdair MacIllinnein, ag aontachadh ris na pàrantan.

"A rèir choltais, bha coinneamh air a cumail ann an Siabost, timcheall air mìos air ais, agus 's e sin a' chiad choinneamh far an deach an deasbad seo a chumail," thuirt e.

"Aig a' choinneimh, chaidh a chantainn gur e nàdair de cho-chomhairleachadh a bh' anns a' choinneimh, ach aig an aon ìre, gun robh seo a' dol a thachairt co-dhiù.

"Agus rinn sin dragh dha na pàrantan, nach robh iad a' faighinn teansa bruidhinn mu dheidhinn an rud.

"Gun robh an rud a' dol a thachairt co-dhiù, 's bha iad a' cantainn riutha fhèin, dè math dhan choinneimh a bhith ann ma 's ann mar sin a tha cùisean gu bhith?

"Cha do chòrd sin riutha.

"Tha iomadach rud a' dèanamh dragh dhaibh. Agus tha fhios againn gun tàinig seo a-steach dha na h-Eileanan còrr air deich bliadhna air ais.

"Tha a' Chomhairle a' cantainn ris na pàrantan gu bheil seo ag obair math. Ach tha na pàrantan a' cantainn riutha 'uell seall dhuinn gu bheil e ag obair math'," thuirt e.

Thuirt labhraiche don Chomhairle gun robh e air soirbheachadh ann an sgoiltean eile an aon cheannard a bhith air dà sgoil, agus gun deach deasbad a dhèanamh air na planaichean fad mhìosan a rèir phoileasaidhean na Comhairle.

Thuirt iad cuideachd gu bheil am modal seo air a bhith ann o chionn ùine an dà chuid anns na h-Eileanan, agus air feadh na dùthcha.