Factaraidh ghiollachd ùr an Gallaibh

Crùbag
Image caption Tha dùil gum biodh 25 cosnadh an lùib an leasachaidh.

Chaidh plana a chur air adhart airson factaraidh ghiollachd chrùbagan fhosgladh ann an Scràbasdal, air costa a tuath Ghallaibh.

Tha Scrabster Seafoods mu thràth ag obair le trosg, adag agus iasg eile agus ga chur dhan Roinn Eòrpa agus a dh'Àisia, ach tha iad an dùil gu bheil cothrom an obair aca a leudachadh.

Tha dùil gum biodh 25 cosnadh ùr an lùib an leasachaidh.

Bidh Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean a' toirt còrr air £100,000 de thaic-airgid dhaibh airson uidheamachd ùr a cheannach agus a' margaidheachd aca a leasachadh.