Cead do thuath-gaoithe Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh
Ro-dhealbh den tuath-gaoitheTùs an deilbh, Kilmac Construction
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dùil gun cruthaich an tuath-gaoithe dealan gu leòr airson 23,000 dachaigh.

Chaidh cead a thoirt do phlana tuath-gaoithe sam bi 14 crainn a thogail san Eilean Sgitheanach.

Bhòt buill de Chomataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath gu h-aona-ghuthach airson a' phlana aig coinneimh an Inbhir Pheofharain Dimàirt.

Tha croitearan air a bhith ag obair còmhla ris a' chompanaidh Kilmac Construction à Peairt air an sgeama, ris an canar Tuath-gaoithe Ghlinn Uillinis, a thèid a thogail eadar Òs agus an t-Sruthan.

Tha dùil gun cruthaich an sgeama cumhachd gu leòr airson 23,000 dachaigh.