Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tubaist Plèana

Tha Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Philip Hammond, air dearbhadh gun robh co-dhiù triùir Bhreatannach air bòrd a' phlèana a thàinig sìos anns na h-Alps an-dè. Chaidh a h-uile duine a bh' air bòrd an itealain Airbus A320 aig Germanwings a mharbhadh - 150 duine uile gu lèir. Tha luchd-sgrùdaidh anns na h-Alps an-diugh a' coimhead airson cuirp an fheadhainn a bhàsaich.

Fuil Ghànraichte

Thèid rannsachadh fhoillseachadh mu mar a fhuair euslaintich an Alba Hepatitis C agus HIV tro fhuil a chaidh a thoirt dhaibh anns na 70an agus na h-80an. Fhuair na mìltean fuil a bh' air a gànrachadh. Tha an sgrùdadh le seann bhritheamh àrd-chùirte os a chionn an dèidh a bhith a' dol airson sia bliadhna, agus tha e air £12m a chosg. Thuirt cathraiche Hemophilia na h-Alba, Bill Wright, gun robh e an dòchas gum faigheadh daoine air an tug seo buaidh freagairtean.

Total

Fhuair a' chompanaidh ola Fhraingeach Total cead bho Riaghaltas Bhreatainn airson leasachadh a dhèanamh air raointean Edradour agus Ghlinn Lìobhait, a tha 50 mìle an iar air Sealtainn. Dh'fhaodadh 38,000 barraille san là a thighinn às na raointean an ceann trì bliadhna gu leth. Thèid lìonra phìoban ùr a chur air grunnd na mara. Tha luach £1bn sa phròiseact.

An SNP

Thuirt seann Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, gun cuir an SNP stad air na Tòraidhean bho riaghaltas le beag-chuid a stèidheachadh ma bhios pàrlamaid chrochte ann às dèidh an taghaidh anns a' Chèitean. Ann an agallamh leis an New Statesman, thuirt Mgr Salmond gum bhòtadh na Nàiseanaich an aghaidh Òraid Bànrigh Tòraidhich anns an t-suidheachadh a tha sin. Thuirt na Tòraidhean gum milleadh sin deamocrasaidh do mhuinntir Bhreatainn.

Ospadal an Eilein Sgitheanaich

Tha NHS na Gàidhealtachd air dearbhadh gur ann air talamh eadar Ospadal an Dr. MhicFhionnghain, agus an t-Ionad Slàinte san Ath Leathann a lùigeadh iad ospadal ùr airson an Eilein Sgitheanaich 's Loch Aillse a thogail. Thèid tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh mus tig iad gu co-dhùnadh deireannach ge-tà.

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Dh'iarr Ball-Pàrlamaid Earra-Ghàidheal is Bhòid, Mìcheal Russell, rannsachadh mu chasaidean de bhurraidheachd aig àrd-ìre aig comhairle na sgìre. Tha Mgr Russell ag iarraidh gun tèid dol-a-mach Àrd-Oifigear nan Seirbheisean Poblach, Dùghlas Hendry, a rannsachadh. Chan eil a' Chomhairle air beachd a thoirt seachad air na dh'iarr Mgr Russell fhathast, ach thuirt iad ron a seo nach robh anns na gearainnean ach oidhirp gus aire a thoirt air falbh bhon obair chudromaich a bha romhpa.