Planaichean ùra taigh-grùdaidh

  • Air fhoillseachadh
Ro-dhealbh den taigh-ghrùdaidhTùs an deilbh, Handout
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh na planaichean a dhiùltadh gu h-aona-ghuthach an-uiridh.

Chaidh planaichean às ùr a chur air adhart airson meanbh-thaigh-grùdaidh a thogail ann an Inbhir Nis.

'S iad luchd-ruith Taigh-òsta a' Ghlinne Mhòir, taobh na h-aibhne, a th' air cùl nam planaichean, a chaidh a dhiùltadh an-uiridh.

Bha Comhairlichean draghail mu bhuaidh a' phròiseict air an sgìre sin den bhaile, a thuilleadh air gnothaichean leithid parcadh.

Thuirt an luchd-tagraidh, Jon agus Victoria Erasmus, gun robh na planaichean ùra a' freagairt air na draghan a tha sin.

An dèidh do Chomataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas tadhail air an làraich an-uiridh, dhiùlt iad cead don phròiseact gu h-aona-ghuthach.

Tha an luchd-tagraidh airson bàr a leagail airson àite a dhèanamh don taigh-ghrùdaidh, a bhiodh na phàirt den taigh-òsta.