Freagairtean gun iarraidh
Niall O'Gallagher
Fear-naidheachd poileataigeach
@BBCNiallOGon Twitter
- Published
- comments
- Comments
Is e an gearan gnàthach - bho cheannard nan Làbarach agus bho chàch - nach freagair Dàibhidh Camshron na ceistean.
Ach bu mhiann le Ed Miliband nach deach an cleachdadh bhriseadh leis a' phrìomhaire an-diugh.
Aig Àm nan Ceist - an seisean mu dheireadh ron taghadh - thog Mgr Miliband ceist na cìse VAT.
Na bu tràithe air an t-seachdain, thuirt Ed Balls gun robh na Tòraidhean ag ullachadh gus a' chìs àrdachadh às dèidh an taghaidh, mar a rinn iad ann an 2010.
Ron taghadh sin, cha tuirt George Osborne ach nach robh planaichean aige VAT a chur suas.
Ach an turas-sa, bha freagairt a' phrìomhaire fada na bu shoilleire.
Cothrom
Cha robh dùil aig Mgr Miliband gun gealladh am prìomhaire gun VAT a chur suas agus dh'fhàgadh e a' luinneanachadh anns an staing fad a' chorr dhen t-seisean.
Thug e an cothrom don phrìomhaire na ceistean a chur airsan, mu phlanaichean cìse nan Làbarach fhèin.
Chuir Mgr Camshron as leth Mhgr Miliband gun cuireadh e 'cìs air cosnaidhean' tro àrdachadh anns an àrachas nàiseanta no anns a' chìs chosnaidh.
An turas-sa b' e Ceannard nan Dùbhlanach a sheachain freagairt.
B'fheudar dhuinn feitheamh gu às dèidh Àm nan Ceist airson gealltanais bho Ed Balls nach deigheadh NI suas fo riaghaltas Làbarach ùr.
Cha b' e seo na bha an Ed eile ag iarraidh bho sheisean cheistean mu dheireadh na pàrlamaid seo.
Magadh
Is coltach nach robh dùil a bharrachd aig James Landale gum faigheadh esan freagairt bho Dhàibhidh Camshron an là eile.
Ach nuair a thugadh seachad i, chuir i an ceòl air feadh na fìdhle.
Tha fios againn a-nis nach seas Dàibhidh Camshron airson treas teirm mar phrìomhaire.
Gabh Ed Miliband magadh a dhèanamh air a' phrìomhaire aig toiseach nan ceistean aige an-diugh.
Freagair Mgr Camshron gum bitheadh ceannard nan Làbarach a' fàgail nas tràithe - anns a' Chèitean seo tighinn.
Ach cha chuir sin stad air a' mhagadh.
Seachnadh
Anns an agallamh leis a' BhBC, rinn Mgr Camshron iomradh air triùir Thòraidhean 'comasach' a dh'fhaodadh a dhol na àite.
Tha e ag ràdh gur esan a bhios a' freagairt nan ceistean - no gan seachnadh - fad na h-ath-phàrlamaid.
Ach 's i ceist eile am bi George Osborne, Theresa May no Boris Johnson deònach feitheamh cho fada sin.
Nuair a fhreagair e a' cheist, tha Mgr Camshron - gu ìre mhòir - air smachd air a' chlàr-ama a leigeal seachad.
Ach mus bi aig an triùir sin ri cur romhpa dè nì iad - agus cùine - tha cothrom aig an luchd-bhòtaidh an freagairt acasan a thoirt seachad.
Sin aon cheist nach gabh a sheachnadh.