Tubaist choidse an Earra-Ghàidheal

Làrach na tubaiste Image copyright MARGARET MARSHALL
Image caption Thachair an tubaist mu 2:10f, agus thathas a' tuigsinn gu bheil grunnan dhaoine air na goirteachadh.

Chuir còidse a bha a' giùlain grunnan dhaoine car dheth air an A83 aig an Rest and Be Thankful ann am Meadhan Earra-Ghàidheal.

Thathas a' tuigsinn gun deach an coidse mu 30 troigh le bruaich, a' tighinn gu stad ri taobh locha.

Thathas a' tuigsinn cuideachd gur e coidse turasachd làn seann daoine a bh' ann, agus gu bheil grunnan dhiubh air an goirteachadh, mu chòignear air an cnàimh-droma a ghoirteachadh.

Thachair an tubaist mu 2:10f.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba gun deach sgiobannan a chur chun na làraich bho Cheann Loch Gilp, an t-Àrchar agus Inbhir Aora, a thuilleadh air poilis agus luchd-eiridinn.

Tha cuideachd dà heileacoptair teasairginn leis na feachdan armaichte gan cur ann.